Aonta agus riaghailtean-cleachdaidh

A thaobh Reic agus Cleachdadh air an làrach-lìn seo

  1. FIOSRACHADH MAR DEIDHINN, AGUS MAR A CHUIREAS SIBH BRATH THUGAINN
  • Cò sinn?  Comhairle nan Leabhraichean – stèidhichte gu h-oifigeil ann an 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu  G11 5QP Alba
  • Ciamar a chuireas sibh brath thugainn? Faodaidh sibh brath a chur thugainn air post-dealain [email protected]
  • Dòighean-conaltraidh eile? Faodaidh sibh brath a chur thugainn mar a leanas:
  • Fòn: 0141 337 6211
    • Tron phost: Comhairle nan Leabhraichean

Sràid Achadh a’ Mhansa
Glaschu,
G11 5QP
Alba.

  • Ciamar a chuireas sinn fios thugaibh-se? Ma dh’fheumas sinn, cuiridh sinn fios thugaibh ann an sgrìobhadh – tro phost-dealain neo tron phost.
  1. AONTA EADARINN
  • Dè th’ ann an Aonta? Ma thèid “Aonta” a chur air dòigh eadarinn (ma cheannaicheas sibh stuth bho Chomhairle nan Leabhraichean tro gaelicbooks.org), tha sinn ag aontachadh gum bi sinn a’ reic agus a’ cur thugaibh (neo a’ toirt dhuibh) stuthan iomchaidh (“Products”) air an làrach-lìn gaelicbooks.org ( “Website”).
  • A’ gabhail ri Aonta. Nuair a gheibh sinn òrdan tro gaelicbooks.org, agus ma tha sinn a’ gabhail ris, ’s ann an uair sin a tha Aonta eadarinn (“Agreement”).
  • Carson a tha am fiosrachadh seo cudromach? Tha am fiosrachadh an seo ag innse cò sinn, dè nì sinn ma a bhios Aonta air a chur air dòigh eadarinn, agus mar a dh’fhaodadh gnothaichean atharrachadh.  Ma tha cothrom agaibh seo a leughadh, bidh e feumail.
  • Mur eil sibh a’ gabhail ris na tha sinn ag ràdh an seo, chan urrainn dhuinn stuthan a chur thugaibh.
  1. ÒRDAIN
  • Ciamar a bhios sinn a’ gabhail ri òrdain tron làrach-lìn seo? (“ORDÀIN”). Bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ gabhail ri òrdan sam bith nuair a chuireas sinn brath air post-dealain thugaibh a’ gabhail ris.
  • Dè thachras mur eil e comasach do Chomhairle nan Leabhraichean gabhail ri òrdan? Mur eil e comasach dhuinn deiligeadh ri òrdan, cuiridh sinn fios thugaibh ann an sgrìobhadh agus chan fheum sibh pàigheadh, neo gheibh sibh an t-airgead a phàigh sibh.   Uaireannan, ’s e thachras nach bi leabhar againn.  An-dràsta ’s a-rithist, chan eil smachd againn air a’ chùis.
  • Aireamh. Bidh aireamhan (order numbers) gan toirt seachad mu choinneamh a h-uile òrdan a gheibh sinn tron làrach-lìn gaelicbooks.org Ma chuireas sibh-se brath thugainn mu dheidhinn òrdan a rinn sibh, bidh e na chuideachadh ma chuireas sibh an aireamh ceangailte ris an òrdain agaibh an cois fiosrachaidh sam bith.
  1. POSTACHD
  • Cosgaisean. Bidh cosgaisean ceangailte ri postachd gan sealltainn air an làrach-lìn nuair a nì sibh òrdan.
  • Gnothaichean a bheir buaidh air postachd.  Uaireannan, tachraidh rudan ceangailte ri postachd agus cha bhi smachd aig Comhairle nan Leabhraichean orra.  Ma tha dàil ann, nì sinn oidhirp innse dhuibh.   Cha bhi dleastanas air Comhairle nan Leabhraichean ma ’s e rudeigin eile a dh’adhbhraich an dàil, ach ma tha dàil mhòr gu bhith ann (30 latha +), faodaidh sibh stad a chur air an aonta agus an òrdan agus gheibh sibh ur n-airgead air ais.
  • Thèid cosgaisean a chur air òrdughan a bhios a’ dol gu dùthchannan san Aonadh Eòrpach. Mar as trice, ’s e VAT a th’ anns na cosgaisean seo bho riaghaltas na dùthcha a tha a’ faighinn an òrdugh. Ma tha thu fhathast airson a dhol air adhart leis an òrdugh agad, bi mothachail gum feum thu na cosgaisean seo a phàigheadh.
  1. STUTHAN
  • Tha dealbhannan de leabhraichean is eile air gaelicbooks.org: ’s dòcha gum bi eadar-dhealachadh ann an coltas cuid de na stuthan ann an dha-rìreabh.  Mar a chanas iad, ’s ann airson ‘illustrative purposes only’ a tha na dealbhannan.
  1. A’ CLEACHDADH gaelicbooks.org
  • Clàradh, faclan-faire, sàbhailteachd is eile: Nuair a nì sibh òrdan, bidh roghainn agaibh:
    (a) ceannach gun chlàradh; neo(b) clàradh – cunntas fhaighinn. Ma roghnaicheas sibh clàradh a dhèanamh agus cunntas fhaighinn, feumaidh sibh ainm-cleachdaidh agus facal-faire a chur air dòigh ( “log-In Details”).
  • Clàraichte mar thà?  ’S ann an urra ribh-se a tha e am facal-faire agus an ainm-cleachdaidh agaibh a chumail dìomhair agus sàbhailte.  Bidh sibh ag aontachadh nach toir sibh seachad am fiosrachadh do dhaoine eile.  Cha bhi sinne a’ toirt sùil air cò tha a’ cleachdadh na log-in details agaibh: agus mar sin, chan ann urra ri Comhairle nan Leabhraichean a tha e ma thèid cron a dhèanamh air cunntas neach sam bith. Ma tha sibh den bheachd gu bheil cuideigin eile air ur cunntas a chleachdadh ann an dòigh nach eil iomchaidh, feuch gun cuir sibh brath thugainn sa bhad.
  • Fiosrachadh ceart  Tha sibhse, mar neach-cleachdaidh gaelicbooks.org, a’ dearbhadh gu bheil am fiosrachadh agaibh ceart agus onarach. Chan eil sibh nas òige na 18 bliadhna dh’aois.
  • Atharraichean ann am fiosrachadh?  Faodaidh sibh atharrachaidhean a dhèanamh – mar eisimpleir seòladh ùr – tron chunntas agaibh.
  1. MAR A CHLEACHDAS SINN AM FIOSRACHADH AGAIBH
  • Ciamar a chleachdas sinn fiosrachadh pearsanta? Ann an dòighean iomchaidh – tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn anns a’ phoileasaidh dìomhaireachd againn.
  • Criomagan (cookies).  Cleachdaidh sinn criomagan air gaelicbooks.org, uaireannan.  Faodaidh sibh – tron bhrowser agaibh fhèin – stad a chur air na criomagan.   ’S dòcha gun toir sin buaidh air mar a bhios a h-uile rud air a shealltain dhuibh air làrach-lìn gaelicbooks.org
  1. GNOTHACH SAM BITH EILE
  • Còraichean dhaoine eile ’S ann eadar sibh fhèin agus Comhairle nan Leabhraichean a tha an Aonta seo ceangailte ri gaelicbooks.org – chan eil smachd, cumhachd neo còraichean aig neach sam bith eile.
  • Lagh? Lagh na h-Alba a th’ againn an seo.

Tapadh leibh.