Mu Ar Deidhinn

Is e buidheann carthannais agus companaidh earranta le barantas a th’ ann an Comhairle nan Leabhraichean, a tha air a riaghladh le Meòrachan is Artaigilean a’ Chomainn fon cheann-latha 2 Iuchair 1996 agus air ath-ùrachadh air 23 Gearran 2011.

Chaidh Comhairle nan Leabhraichean a stèidheachadh ann an 1968, agus tha còignear luchd-obrach làn-thìde aig a’ bhuidheann. Tha oifisean na Comhairle suidhichte aig 32 Sràid Achadh a’ Mhansa ann an Glaschu, le bùth-leabhraichean anns a bheil raon farsaing de leabhraichean, chairtean agus chlàran-ciùil sa Ghàidhlig agus co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig. ‘S e amasan na buidhne:

  • Taic a chur ri leasachadh air sgrìobhadh Gàidhlig.
  • Ùidh a bhrosnachadh ann an leabhraichean Gàidhlig agus ann an stuthan co-cheangailte eile.
  • Taic a chur ri ùghdaran Gàidhlig le bhith a’ buileachadh thabhartasan is bharantasan orra.
  • Taic a chur ri gnìomhachas foillseachaidh na Gàidhlig.
  • Raon, càileachd is buaidh litreachas na Gàidhlig a mheudachadh.

Tha Bòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean a’ coinneachadh ceithir tursan sa bhliadhna. Is iad buill nam bòrd stiùirichean na companaidh agus urrasairean na buidhne carthannais. Is iad buill a’ bhùird:

  • Iseabail Mhoireach (Cathraiche)
  • Iain MacCoinnich
  • Shona NicEanraig
  • Catrìona NicÌosaig
  • Marion Nic na Ceàrdaich
  • Rona Dhòmhnallach
  • Peigi Nic a’ Phiocair
  • Julie NicPhaidean

Gheibhear aithisgean bliadhnail agus cunntasan Chomhairle nan Leabhraichean air làrach-lìn Taigh nan Companaidhean.

Tha Comhairle nan Leabhraichean moiteil a bhith na ball air Caidreabhas Litreachais na h-Alba.