A’ comharrachadh Ruaraidh MhicThòmais

Air fhoillseachadh: 21 Dàmhair 2021 ann an Naidheachdan

Tha Leabharlann Bàrdachd na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh am bàrd agus am foillsichear ainmeil Ruaraidh MacThòmais le film anns a bheil triùir sgoilearan cliùiteach a’ bruidhinn mu obair agus a dhileab.

B’ e MacThòmais a’ chiad Chathraiche a bh’ aig Comhairle nan Leabhraichean (no an Comann Leabhraichean mar a bha air aig an àm ann) an 1968. Bha e cuideachd na Cheann-suidhe Urramach aig Leabharlann Bàrdachd na h-Alba. Eadar teagasg aig Oilthigh Ghlaschu, rannsachadh air bàrdachd agus litreachas na Gàidhlig, na leabhraichean is na h-irisean a dh’fhoillsich e tron chompanaidh Gairm, agus a’ bhàrdachd aige fhèin, rinn e barrachd na duine sam bith eile san dàrna leth den fhicheadamh linn gus sgrìobhadh agus foillseachadh sa chànan a chur air adhart.

San fhilm ùr tha an t-Oll. Anna Frater, an t-Àrd-oll. Meg Bateman agus an t-Oll. Petra Poncarová a’ bruidhinn mun na cuspairean dham biodh MacThòmais a’ tilleadh uair is uair – creideamh, poileataigs agus gu h-àraid dualchas Leòdhais agus na daoine a bha timcheall air na òige – agus a’ coimhead air an dìleab a dh’fhàg e don ghinealach de bhàird a thàinig às a dhèidh. Bha Anna Frater fhèin na h-oileanach aig MacThòmais, a thug dhi a’ chiad chothrom a cuid bàrdachd fhoillseachadh san iris Ghairm. Tha iad cuideachd a’ togail air an àbhachdas a tha follaiseach sa bhàrdachd aige, agus a’ leughadh taghadh de na dàin as fheàrr leotha, a-mach às na ceudan de phìosan a sgrìobh e thairis air seachdad bliadhna.

Tha an còmhradh sa Ghàidhlig agus tha fo-thiotalan sa Bheurla. Bidh Comhairle nan Leabhraichean agus Leabharlann Bàrdachd na h-Alba cuideachd a’ comharrachadh ceann-bliadhna MhicThòmais le tachartasan eile ro dheireadh 2021.

Tha Comhairle nan Leabhraichean na chathrannas clàraichte (SC025026) agus bidh e a’ faighinn maoin bho Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig.