
Job Vacancy: Sales and Marketing Officer
Posted on 4 July 2022 in Latest News
We are looking for a Sales and Marketing Officer to join our busy team, working to deliver effective campaigns to market Gaelic books and the Gaelic Books Council’s services and projects.
Email address for applications: Alison Lang via [email protected]
Tuairisgeul Obrach: Oifigear Reic is Margaidheachd
Tiotal na Dreuchd | Oifigear Reic is Margaidheachd |
Ceann-latha Tuairisgeul Obrach | 04 Iuchar 2022 |
Ceann-latha airson Thagraidhean | 18 Iuchar 2022 |
A’ freagairt gu | Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean |
Àite-obrach | 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP (no obair bhon taigh, a rèir suidheachadh an tagraiche) |
Raon Tuarastail | £23,000 – £28,000 |
Prìomh adhbhar na h-Obrach
Tha Reic is Margaidheachd deatamach ann an obair Chomhairle nan Leabhraichean, a’ phrìomh bhuidheann airson litreachas na Gàidhlig, airson dàimhean a stèidheachadh agus a leasachadh le foillsichearan agus luchd-reic leabhraichean, ìrean reic a mheudachadh agus ìomhaigh Chomhairle nan Leabhraichean àrdachadh ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta, le bhith a’ leasachadh làthaireachd na buidhne air-loidhne agus anns na meadhanan agus làthaireachd na Gàidhlig aig tachartasan litreachais agus cultarach.
Bhiodh eòlas ann an obair mhargaidheachd na bhuannachd, ach tha cothroman trèanaidh ann do neach aig am biodh ùidh ann a bhith a’ leasachadh nan sgilean aca chun na h-ìre iomchaidh.
Prìomh dhleastanasan is uallaichean
- A’ stiùireadh ro-innleachd margaidheachd Chomhairle nan Leabhraichean, a’ gabhail a-steach iomairtean reic agus sanasachd sheirbheisean, phròiseactan agus thachartasan
- Uallach airson co-òrdanachadh na làraich-lìn aig Comhairle nan Leabhraichean agus airson nam meadhanan sòisealta agus cuairt-litrichean puist-d.
- Eòlas iomchaidh air litreachas na Gàidhlig, agus gu sònraichte air an stoc de leabhraichean a bhios Comhairle nan Leabhraichean a’ reic.
- A’ leasachadh agus a’ dìon cliù agus ìomhaigh Chomhairle nan Leabhraichean, a’ dèanamh cinnteach gu bheil suaicheantas na buidhne ga chleachdadh gu cunbhalach thairis air a h-uile seanail mhargaidheachd.
- A’ leasachadh agus a’ cruthachadh iomairtean margaidheachd èifeachdach airson sheirbheisean, thachartasan agus phròiseactan.
- A’ cruthachadh diofar stuthan mhargaidheachd air-loidhne agus far-loidhne leithid: bileagan, comharran-leabhair, sanasan agus bhidiothan.
- Ag obair gus figearan reic leabhraichean Gàidhlig àrdachdadh le iomairtean margaidheachd didseatach agus traidiseanta agus sireadh chothroman reic aig tachartasan agus gu bùithtean, sgoiltean agus leabharlannan.
- A’ cur air dòigh tachartasan litreachais, air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh, aig fèilltean leabhraichean agus gu neo-eisimeileach air feadh Alba.
- A’ stiùireadh Leugh is Seinn le Linda, prògram de sheiseanan leughaidh agus seinn airson clann òg.
- Sùil a chumail air leasachaidhean teicneòlach ann am foillseachadh agus margaidheachd leabhraichean gus beachdan a thoirt seachad air ciamar as urrainnear teicneòlas ùr a chleachdadh ann an obair Chomhairle nan Leabhraichean.
- Taic a thoirt do dh’fhoillsichearan le margaidheachd nan leabhraichean Gàidhlig aca.
- Ag obair còmhla ris an Stiùiriche gus buidseat margaidheachd agus thachartasan aontachadh.
- Aithisgean a sgrìobhadh agus a thaisbeanadh don bhòrd-stiùiridh.
- Dleastanasan is uallaichean reusanta eile a ghabhail os làimh – cuid a bhios taobh a-muigh uairean obrach àbhaisteach.
Teisteanasan is Riatanasan na Dreuchd
- Thathas an dùil gum bi ceum-oilthigh no eòlas obrach iomchaidh ann am margaidheachd, stiùireadh phròiseactan no cuspair coltach aig an tagraiche.
- Thathas a’ sireadh tagraiche eòlach is èifeachdach, le deagh sgilean tionnsgalach, a tha comasach air obrachadh mar phàirt den sgioba agus gu neo-eisimeileach.
- Bu chòir do thagraichean a bhith comasach ann an cleachdadh Microsoft Office (gu h-àraid Word agus Excel ) agus a bhith eòlach air na meadhanan sòisealta agus prògraman dealbhaidh Adobe agus/neo Canva, ach tha trèanadh ri fhaighinn ma tha feum air.
- Tha e riatanach gum bi deagh sgilean sgrìobhaidh ann an Gàidhlig agus Beurla aig an tagraiche. Bidh trèanadh ri fhaighinn ma tha feum air.
- Tha e riatanach gum bi sgilean conaltraidh àrd-ìre aig an tagraiche ann an Gàidhlig agus Beurla. Ann a bhith a’ dèiligeadh le luchd-ceannaich agus luchd-ùidhe feumaidh iad a bhith tuigseach, mothachail, sùbailte agus cothromach, le sàr-sgilean eadar-pearsanta.
- Bu chòir don tagraiche a bhith comasach air lìonraidhean agus com-pàirteachasan seasmhach is èifeachdach a chruthachadh agus a leasachadh, a leudaicheas gnìomhachdan Chomhairle nan Leabhraichean.
- Feumaidh an neach san dreuchd a bhith dealasach mu obair is lèirsinn Chomhairle nan Leabhraichean agus comasach air dòighean cruthachail a lorg gus litreachas na Gàidhlig agus leughadh sa Ghàidhlig a bhrosnachadh.
- Bu chòir do chead-dràibhidh a bhith aig an neach san dreuchd, cothrom air càr agus comas air siubhal gu coinneamhan, taisbeanaidhean agus fèilltean leabhraichean, is eile.
Cùmhnantan Seirbheis san Fharsaingeachd
- Bidh an tuarastal dhan dreuchd seo san raon £23,000 – £28,000.
- Is e 25 latha an làn-chòir air fòrladh sa bhliadhna (ag èirigh gu 30 latha an dèidh seirbheis còig bliadhna) a thuilleadh air na làithean poblach àbhaisteach (12 làithean).
- Tha sgeama peinnsein (QWPS) aig Comhairle nan Leabhraichean agus thèid an neach san dreuchd a chlàradh air an sgeama seo às dèidh trì mìosan.
- Tha uairean-obrach àbhaisteach eadar 09.00 agus 17.00 Diluain gu Dihaoine. Tha tomhas de shùbailteachd sna h-uairean-obrach sin le tìde dheth mu choinneamh corra àm-obrach air an fheasgar no aig an deireadh-sheachdain. Bidh am prìomh àite-obrach aig oifis Chomhairle nan Leabhraichean aig 32 Sràid Achadh a’ Mhansa an Glaschu, ach dh’fhaodadh an neach seo a bhith ag obair bhon taigh aig amannan, a rèir suidheachadh an tagraiche.
- Bidh an t-Oifigear Reic is Margaidheachd a’ freagairt don Stiùiriche.
- Is e dreuchd làn-ùine a tha seo agus cha bhi cead aig an neach san dreuchd obair sam bith eile a ghabhail os làimh a bhios ann an còmhstri ri, agus/no a tha neo-chunbhalach le an dleastanas mar neach-obrach do Chomhairle nan Leabhraichean.
- Faodaidh an dreuchd a toirt gu crìch air taobh seach taobh, le brath aon mhìos a thoirt seachad. Bu chòir gur e mìos slàn a bhiodh an seo, a’ fàgail às saor-làithean.
- Is e sia mìosan an ùine pròbhaidh san dreuchd seo.
- Cuirear a-mach cunnradh cosnaidh mionaideach chun an tagraiche shoirbheachail.
Tagraidhean
Bu chòir tagradh airson na h-obrach le làn-chunntas beatha (CV) a chur a-steach, agus litir a’ mìneachadh carson a tha thu freagarrach airson na dreuchd seo agus mar a chuireas tu ri obair is lèirsinn Chomhairle nan Leabhraichean.
Bu chòir ainmean dithis luchd-taic a chur ri na tagraidhean, ris am faod sinn dèiligeadh airson tuilleadh fiosrachaidh ma thèid agallamh a thairgsinn dhut.
Is e 5.00f air Diluain 18 Iuchar 2022 an latha deireannach airson tagraidhean. Bu chòir an cur gu: Alison Lang air [email protected]