Wigtown Scottish Gaelic Prize Winners

Posted on 4 October 2021 in Latest News

We were happy to support the Wigtown Scottish Gaelic Prize again this year. The submissions were judged by Sandy MacDonald Jones who presented Eoghan Stewart with First Prize and Gillebrìde MacMillan with the Runner-up Prize at an award ceremony on Saturday 2 October in Wigtown. Here are the excellent winning poems:

Wigtown Scottish Gaelic Prize Winner | Eoghan Stewart, Dante air an C1144 agus U1207

a’ cur mo chùl air gach dòchas
’s ga fhàgail a’ grodadh san luachair
’s ann tro fhearann donn ’s odhar
fo bhrùid am foghar buan a ghluais mi

seachad air a liuthad gheataichean iarainn
chaidh mi gu siar, gu siar, gu ceann na h-ifrinne
ach gun bhàrd nam iùil tron talamh iargailt seo
a chainnt ga smaladh le rhodendrons sna dìgean

mar chnap de chabair as dèidh na seilge
càrn de gheugan ghlainne dealain
’s ri taobh na slighe a’ fèitheamh breitheanas
na deamhannan maola a’ dearcadh orm

suas, suas na cuibhlichean a’ dìreadh
gu balla a’ chuaich làn ùisge marbh
na carbadan le sùilean òra a’ prìobadh
ceud fear sna bacan fàs a’ cladhach

meur fuadan a’ chuaich, àite na caim bàine
chaidh mi tarsainn air an drochaid airgid
far an robh eilean na cloinne ga bhàthadh
’s tom allt nighean eòbhain ga chur fodha

an tig sian beò fo eas choire nan cnàmh?
far nach eil ach dìle is earchall?
far nach dèanar faire ach àlan
aig bun allt sgùrr a’ chlaidheimh?

nuair a làigh mo shùil air an iuthairn
chunnaic mi taighean, laimrig is staran
’s mi bàthte, baiste, fo innis na creige gun liut
aig coire shùbh air leac san abhainn

an t-allt sruthach, siùbhlach, sùbhach, bàn
an caochan coirbte, ciar, caorach tron bheàrn
an steall beucach, nuallach, dearcach, àrd
’s an rathad na aradh cam, gu loch beag a’ teàrnadh

ceann loch shùbhairne fada dubh dòmhainn
an aile mar thonn-mara, na ceapan sleamhainn
air slighe a’ chladaich gu sgiath àirigh
’s mi a’ siubhal fàsach fliuch nan gailleann

’s tro na sgàilean uisge o neàmh ag iomain
bha mo rùn ’s mo thoil a’ tionndadh mar chuibhle
aig an aon astar leis a’ ghràdh a thionndas
a’ ghrian ’s na reultan ’s mo chridhe ’s mo chuimhne

Wigtown Scottish Gaelic Prize Runner-up | Gillebride MacMillan, Glanadh

Ghlan mi sibh aig uair sa mhadainn
an oidhch’ ud:
Làmhan ri phasgadh
Sùilean a dhùnadh
Casan a chur dìreach
Ceann a chur air cluasaig
An dèidh dhuibh sìoladh sìos,
Anail a’ crìonadh: sgìths a’ dol gu sìth.

Ghlan mi sibh aig uair sa mhadainn
An oidhch’ ud:
Beul ri dhùnadh
Gruag ri chìreadh
Ceann a chur dìreach
Deiseil airson ur turais a-nis.
Dìreach mar dh’iarradh sibh.

Washing

I washed you that night
at 1am:
hands folded
eyes closed
legs straightened
head placed on pillow,
After you slowed to a whisper
Breath shortening; tiredness turns to peace.

I washed you that night
at 1am:
mouth closed
hair combed
head upright.
Ready for your journey now,
Just as you would have wanted.